Rabhadh do luchd-coiseachd

  • Air fhoillseachadh
Beann MacDuibhTùs an deilbh, Maree NicNeacail
Fo-thiotal an deilbh,

Ged a tha làithean snoga, grianach air a bhith againn, tha a' ghaoth fuar a' fàgail gu bheil an teothachd a' tuiteam luath nuair a tha a' ghrian a' dol fodha.

Tha Sgioba-teasairginn Bhràigh Mhàrr air rabhadh a thoirt do luchd-coiseachd uidheamachd freagarach a bhith aca airson sìde fhuar.

Tha seo às dèidh mar a chaidh cobhair a dhèanamh air ceathrar a bha a' coiseachd airson airgead a thogail do bhuidhinn chathrannais 's iad a' fulaing leis an fhuachd air mullach Chàrn an t-Sabhail.

Bha na fireanaich air Beinn MacDuibh a shreap mar-thà 's bha iad a' fàs sgìth agus an teothachd a' tuiteam gu 10 fo ìre reothaidh leis a' ghaoith.

Chur iad fios air na seirbheisean èiginneach ann an uairean beaga na maidne Didòmhnaich.

Sgothan

Cha b'urrainn dhan heileacoptair an togail bho mhullach na beinne leis gun robh sgothan ìosal a' cur bacadh orra, ach chaidh iad an togail beagan shìos a' bheinn.

A-rèir an sgioba-teasairginn bha fear den luchd-coiseachd a' fulaing le hypothermia.

Thuirt neach-labhairt an sgioba gur e seo an ceathramh gairm-èiginn a tha air a bhith aca taobh a-staigh ceithir là, le cuid de dhaoine às aonais uidheamachd freagarrach agus feadhain eile aig nach robh na sgilean ceart 'son a bhith a-muigh air na beanntan.