Barrachd airgid 'son an Eilean Sgitheanaich a dhìth

  • Air fhoillseachadh
Drochaid an Eilein SgiathanichTùs an deilbh, Getty Images

Tha comhairlichean san Eilean Sgitheanach ag iarraidh gum biodh an sgìre acasan a' faighinn barrachd buannachd bho Aonta Bhaile Inbhir Nis agus na Gàidhealtachd.

Thèid pàipear air beulaibh Chomhairle na Gàidhealtachd an t-seachdain seo a' sireadh dòigh air na pròiseactan a gheibh taic-airgid bhon sgeama atharrachadh.

Tha faireachdainn aig cuid nach eil ach baile Inbhir Nis a' faighinn mòran den bhuannachd bhon £300m de dh'airgead bhon an dà chuid, Riaghaltas na h-Alba agus Riaghaltas Westminster.

Tha iarrtas ann cuideachd, ge-tà, airson aonta ùr sgìreil a chur air dòigh dhan Eilean Sgitheanach fhèin.

Briseadh dùil

Thuirt an Comh. Calum Rothach gun robh e na bhristeadh dùil a bhith a' faicinn nan Eilean Siar a' faighinn aonta luach £100m airson pròiseactan, agus ged a 's e eileanan a th' anns an Eilean Sgitheanach agus Ratharsair, chan eil iad a' faighinn sìon.

Tha na comhairlichean Sgitheanach air a bhith ag obair air plana, a' coimhead air na rudan a dh'fhaodar a chur a-steach mar phròiseactan bun-structar ma 's e is gum faigheadh iad airgead air an son.

A rèir Alasdair Danter bhon bhuidhinn iomairt Skye Connect tha turasachd air an eilean a' cur tòrr airgid ri eacomaidh na h-Alba agus tha 3,000 duine ag obair sa ghnìomhachas air an eilean.

Tha esan den bheachd ma tha a' bhuannachd seo a' dol a leantainn dhan eaconamaidh, feumar ionmhas a chosg air bun-structar na sgìre.

Tha iarratas cuideachd bho cheann a deas an eilein, le Cathraiche Chomhairle Coimhearsnachd Shlèite, Ruairidh Moireach a' faireachdain gu bheil diofar mòr eadar rathaidean nan Eilean Siar agus rathaidean an Eilein Sgitheanaich.

Tha esan den bheachd gu bheil an t-Eilean Sgitheanach a' call a-mach leis gu bheil iad ceangailte ri Inbhir Nis.

"Chan fhaigh sinn làn spàin de theàrr airson na tuill a lìonadh", thuirt e.