Iarrtas 'son Ionad na Cùilt Buidhe a leagail
- Air fhoillseachadh

Chaidh an t-ionad a thogail ann an 1991
Tha Comhairle Earra Ghàidheal is Bhòid air iarrtas a chur a-steach airson Ionad na Cùilt Buidhe anns an Òban a leagail.
'S ann le Comhairle Shiorrachd Lannraig a Tuath a tha an togalach agus tha dùil acasan an làrach a reic nas fhaide air a' bhliadhna seo.
Ach tha iomairt air na meadhanan sòisealta air tòiseachadh feuch an gabh an togalach sàbhaladh airson na coimhearsnachd.
Thuirt Iar Phrobhaist Chomhairle Earra Ghàidheal is Bhòid, Roddy MacCumhais ge-tà, gum feum a' chomhairle acasan gabhail ris an iarrtas airson an togalach a leagail.
Ach thuirt e cuideachd nam biodh tagradh airson planadh anns an ùine a tha air thoiseach oirrn gun rachadh sin tron a phròiseas àbhaisteach.
Luachmhor
Dh'fhosgail an t-ionad ann an 1991 agus ann an 1996 thug Comhairle Earra Ghàidheal is Bhòid seachad e an asgaidh gu Comhairle Shiorrachd Lannraig a Tuath airson cothrom a thoirt do chloinn anns an sgìre sin cur-seachadan air a' bhlàr a-muigh a dhèanamh.
Ach tha Comhairle Choimhearsnachd an Òbain airson an togalach a shàbhaladh agus chuir am BPA Mìcheal Ruiseal ris an iomairt 's e ag ràdh gum biodh e sgriosail an t-àite luachmhor seo a leagail.
A rèir na Comhairle Coimhearsnachd, tha diofar bhuidhnean anns an Òban a bhiodh deònach an t-ionad a ghabhail os làimh, agus a bhiodh deònach cumail orra a' toirt seachad na h-aon seòrsa seirbheis 's a bha clann à Siorrachd Lannraig a' faighinn.
Fo stiùireadh ionadail, thuirt iad gum faigheadh teaghlaichean às an Òban agus às na sgìrean timcheall an goireas a chleachdadh cuideachd.
Dh'iarr Cathraiche na Comhairle Coimhearsnachd Marri Malloy air Ministear an Fhoghlaim, Iain Swinney, dàil a chur air a' phròiseas airson an togalach a leagail, agus gum bu chòir an goireas prìseil seo a chumail.