Fear an grèim airson milleadh aig Maggie's

  • Air fhoillseachadh
Maggie's HighlandTùs an deilbh, Maggie's Highland
Fo-thiotal an deilbh,

Chaidh milleadh a dhèanamh air an togalach tràth madainn na Sàbaid

Chaidh fireannach, 26, a chur an grèim agus a chur fo chasaid co-cheangailte ri mar a chaidh bristeadh a-steach do dh'ionad aillse ann an Inbhir Nis.

Chaidh bristeadh a-steach dhan ionad aig Ospadal an Ràthaig Mhòir mu 02:50 Là na Sàbaid agus chaidh milleadh mòr a dhèanamh.

Thuirt Poileas Alba gun nochd am fireannach ann an Cùirt an t-Siorraidh ann an Inbhir Nis Dimàirt.

Taing

Thug Poileas Alba taing dhan mhòr-shluagh airson an cuideachadh leis an sgrùdadh aca.

Tha Maggie's Highland an dòchas gum bi an t-ionad air a chàradh ann am beagan làithean.

Tèarainteachd

Thug iad taing dhan a h-uile duine a bha a' tabhann cuideachaidh agus dha sgioba thèarainteachd is oighreachdan NHS na Gàidhealtachd a rinn mòran obrach gus an t-àite a ghlanadh agus a dhèanamh tèarainte.