Goireasan spòrs a' fosgladh a-rithist
Fosglaidh Ionad Spòrs Leòdhais Diciadain airson a' chiad uair ann an còig miosan.
Tha obair mhòr air a bhith a' dol airson dèanamh cinnteach gu bheil an togalach a rèir nan riaghailtean a thaobh astarachadh sòisealta.
Thèid an àireamh dhaoine a bhios ceadaichte na goireasan a chleachdadh a chuingealachadh a' chiad ghreis.
Tha Dòmhnall MacLaomainn ag aithris.