Barrachd airgid dhan Eilean Sgitheanach?
Tha comhairlichean san Eilean Sgitheanach air innse gu bheil ullachadh a' dol air adhart airson 's gum faigh an t-Eilean 'Aonta' agus pasgan-airgid - samhail Aonta nan Eilean a chaidh a ruighinn beagan sheachdainnean air ais.
Tha seo agus deasbad gu bhith ann a-màireach aig Comhairle na Gàidhealtachd mun dòigh anns a bheil an t-airgead a fhuair a' Chomhairle fo Aonta Baile Inbhir Nis agus na Gàidhealtachd ga chosg - agus dragh air a bhith ann bho chionn fhada gu bheil cus dheth a' dol taobh Inbhir Nis.
Tha an aithris seo aig Alasdair MacLeòid.