Cùisean ùra de Chovid-19 air Ghàidhealtachd
- Air fhoillseachadh

Chaidh ceithir cùisean ùra de Chovid-19 a dhearbhadh ann an sgìre NHS na Gàidhealtachd.
Thug seo an àireamh de chùisean airson na sgìre suas gu 421.
Chaidh dearbhadh gu bheil e air neach-obrach aig Tesco Extra aig Pàirc Ghìomhachais Inbhir Nis.
Thuirt neach-labhairt airson Tesco gu bheil iad a' leantainn stiùireadh an riaghaltais.
Cuideachd, tha e air cluicheadar aig Cluba Rugbaidh na Gàidhealtachd.
Thuirt an cluba gu bheil iad air mòran conaltraidh a dhèanamh leis an NHS agus gu bheil iad misneachail nach tàinig e air an duine nuair a bha e aig a' chluba.