Riaghailtean ùra ann an Glaschu
Be Diciadain a' chiad latha de riaghailtean ùra a tha a' cur bacadh air daoine bho bhith a' dol a-steach a dhachaidhean a chèile ann an Glaschu, Siorrachd Rinn Friù an Ear agus Siorrachd Dhùn Bhreatainn an Iar.
Bidh na riaghailtean an sàs airson cealla-deug, le ath sgrùdaidh an ceann seachdain, agus draghan ann mun àireamh de chùisean dhen a chorònabhìoras anns na trì sgìrean.
Tha an aithris seo aig Annabel Nic'illinnein.