Duine air a dhroch ghoirteachadh ann an tubaist
- Air fhoillseachadh

Chaidh fireannach a ghoirteachadh gu dona ann an tubaist rathaid a dhùin an A82 deas air a' Ghearasdan.
Bha tubaist ann le càr agus bhan anns a' mhadainn Diardaoin.
Thuirt na poilis gum faodadh an rathad a bhith dùinte airson deagh ghreis is iad a' rannsachadh.
Tha an suidheachadh air maill mhòr a chur air trafaig.