Iomairt ùr an aghaidh seann nàmhaid

  • Air fhoillseachadh
Seumas ForrestTùs an deilbh, BBC Sport

Bidh iomairt ùr aig sgioba Alba an aghaidh seann nàmhaid Iosrael ann an Lìog nan Dùthchannan oidhche haoine.

Chan eil sgioba nàiseanta na h-Alba air cluich gu farpaiseach bhon 19mh latha dhen t-Samhain.

Chuir sgioba Steve Clarke crìoch air iomairt dearbhaidh airson farpais Euro 2020 le 3 puingean an aghaidh Kazakhstan, ach às dèidh iomairt anns nach do thog na h-Albannaich ach 15 puing bho 30, le làn fhios aca nach robh cothrom aca fhaighinn dhan fharpais tron dòigh àbhaisteach.

Farpais

Cha chanadh fiùs an neach-taic as dubhaiche aig an sgioba gun cailleadh Alba an cothrom faighinn dhan dearbh fharpais tron doras-cùl anns a Mhàrt ge ta.

Mar dhuais airson mar a bhuannaich Alba am buidhean aca anns a chiad thaisbeanadh de Lìog nan Dùthchannan ann an 2018, bha Alba gu cluich an aghaidh Iosrael ann an geama 'play-off' ann an nàdar de dhàrna cothrom faighinn fhan fharpais - farpais a bha gu bhi air a chluich air feadh na Roinn Eòrpa.

Coltach ri iomadh rud eile, chuir COVID-19 stad air an seo.

Gheibh Alba agus Iosrael cothrom tachairt air a phàirc airson tighinn nas fhaisge air na Euros an ath mhios, ach a-nochd bi aca ri cach a chèile a chluich aig Pàirce Hampden anns an dàrna taisbeanadh de Lìog nan Dùthchannan, leis na sgiobaidhean a-nis a cluich ann am buidhean còmhla ri Slovakia agus Poblachd ns Seic airson nàdar de phoileasaidh àrachais a bhi cluich air an àrd-ùrlar as motha anns an spòrs - Cupa na Cruinne ann an Qatar ann an 2022.

Bì na sgiobaidhean air fàs gu math eòlach air a chèile nuair a bhios dà gheama ann an Lìog nan Dùthchannan agus aon gheama dearbhaidh airson Euro 2020 seachad, ach the grunn atharrachaidhean air tighinn dhan dà sgioba bhon a thachair iad ann an 2018.

Stiùireadh

Tha an dà sgioba co-ionnan ann an aon dòigh, agus iad le chèile air an stiùireadh le manaidsearan a bhios a tòiseachadh iomairtean eadar-nàiseanta airson a chiad uair.

Steve ClarkeTùs an deilbh, BBC Sport
Fo-thiotal an deilbh,

Ghabh Steve Clarke dreuchd a' mhanaidsear air Alba anns a' Chèitean an uiridh.

Cha robh Steve Clarke os cionn sgioba na h-Alba airson toiseach iomairt na h-Alba faighinn dha na Euros, ach Ailig MacIliosa.

Ranganan

Chaill na h-Albannaich 3-0 an aghaidh Kazakhstan anns a Mhàrt ann an 2019, agus cha do rinn 3 puingean ann an San Marino gu leòr airson teagmhan mun mhanaidsear a chuir gu aon taobh, le Clarke a gabhail an sgioba nàiseanta os laimh anns a Cheitean.

Thàinig Iosrael fo stiùir mhanaidsear ùr as t-samhradh, le Willibald Ruttensteiner a-nis os cionn an sgioba as dèidh a chò-Ostaireach, Andi Herzog, a dhreuchd fhàgail.

Le Iosrael air tuiteam co ìosal ri 93 air liosta rangachaidh aig FIFA, bi cuideam air Ruttensteiner togail a thoirt dhan sgioba.

Bì aig na manaidsearan ri atharrachaidhean a thoirt dha na sgiobaidhean aca air a' phàirce fhèin bhon a bhuannaich Alba 3-2 an aghaidh Iosrael aig Pàirce Hampden ann an 2018.

Ged a tha triùir aig Iosrael a tha cluich ann an Alba (Ofir Marciano aig Hibs, còmhla ri Hatem Abd Elhamed agus Nir Bitton aig Celtic), cha bhi fear eile air am bì mòran ann am ball-coise na h-Alba eòlach,

Tadhail

Beram Kayal, a bha aig Celtic agus a fhuair tadhal an aghaidh Iosrael an oidhche ud aig Hampden, an sàs.

Bi cuideam air Moanes Dabour aig Hoffenheim agus Erran Zahavi, a chuir an tadhal eile

Bi Alba iad fhèin as aonais grunn chluicheadairean a bhiodh am measg sgioba Steve Clarke mar as àbhaist.

Ged a tha romhainnean ann am pailteas aig Clarke ann an meadhan na pàirce, 's ann aig aghaidh an sgioba a bhios na h-Albannaich gann.

Lyndon DykesTùs an deilbh, BBC Sport
Fo-thiotal an deilbh,

Cho-dhùinn Lyndon Dykes cluiche dha sgioba na h-Alba seach Àstralia.

Le Lawrence Shankland aig Dundee United agus Oli McBurnie aig Sheffield United a-mach às a gheam agus e air a ghoirteachadh agus Johnny Russell aig Sporting Kansas City a fuireach anns na Stàitean Aonaichte ri linn an casg-siubhail, bi aig Clarke ri tionndadh gu cluicheadair eile aig aghaidh an sgioba.

As dèidh miosan de dheasbad mu dheidhinn co dhà a chluicheadh e gu eadar-nàiseanta, cho-dhùn Lyndon Dykes Alba a riochdachadh seach Astràilia.

Iomairt

Às dèidh dha ainm a chuir ri cùmhnant aig Queen's Park Rangers, bi e a-nis an dòchas na tadhail a chuir do sgioba nach eil ach air 20 tadhal fhaighinn aig ìre eadar-nàiseanta eadara.

Bì aig James Forrest, a fhuair trì tadhail an aghaidh Iosrael ann an 2018, agus cluicheadairean ann an meadhan na pàirce, ri taic a chuir ris an loidhne aghaidh a-rìthist.

Cluichidh Alba an aghaidh Iosrael agus iad an dòchas iomairt Lìog nan Dùthchannan a thòiseachadh gu làidir, le Poblachd na Seic a feitheamh air Steve Clarke agus a sgioba air Diluain.

Tha droch thoiseach tòiseachaidh air stad a chuir air iomadh iomairt agus oidhipr aig Alba faighinn gu farpais eadar-nàiseanta thar nam bliadhnaichean mu dheireadh.

Bi Steve Clarke ag iarraidh air an sgioba na 3 puingean a thogail mar bu choir, ach cuideachd an aghaidh sgioba a bhios ag amas an aon rud.