Chan eil bacaidhean ùra san amharc am Baile nan Granndach
- Air fhoillseachadh

Thuirt NHS na Gàidhealtachd nach eil riaghailtean-cuingealachaidh ùra san amharc aca ann am Baile nan Granndach, a dh'aindeoin 's mar a thàinig àrdachadh air an àireimh chùisean de Chovid-19 anns an sgìre sin.
Chaidh 33 cùis den bhìoras a chlàradh an sin an t-seachdainn seo, agus tha 30 dhiubh sin ceangailte ris a' chompanaidh Millers of Speyside a tha a' giollachd feòla.
Bidh an t-ionad sin dùinte fad cola-deug.
Thuirt Stiùiriche na Slàinte Poblaich aig NHS na Gàidhealtachd, an Dtr. Tim Allison, gu bheil iad a' faicinn air feadh na rìoghachd gu bheil sgapaidhean den bhìoras nas buailtiche tachairt ann an taighean-spadaidh agus ionadan giollachd bìdhe, ach nach eil coltas ann gu bheil am biadh fhèin buailteach a bhith air a ghannrachadh.
Dragh
Thuirt Raibeart Dòmhnallach, a tha na thuathanach ann am Baile nan Granndach, gu bheil daoine gu math draghail leis cho aithghearr 's a gap am bhìoras anns an sgìre.
Thuirt e gu bheil coltas ann gu bheil daoine a' seachnadh meadhan a' bhaile bho nochd an naidheachd.
Tha e a' toirt tomhais de chofhurtachd dhaibh gur ann ceangailte ris an aon àite a tha mòran den na cùisean seo, thuirt e, ach gu bheil fhathast iomagain air daoine gun sgap e nas fharsainge.
"Tha e dìreach ga do chur dheth uile gu lèir, thuirt e "chan eil fios agad càite a bheil e".
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh3 An t-Sultain 2020
