‘Obair mhòr’ ro NHS na Gàidhealtachd
Thuirt cathraiche Bhòrd Slàinte na Gàidhealtachd, Boyd Robasdan, gu bheil obair mhòr romhpa ann a bhith a' gabhail thairis dachaidh cùraim Home Farm ann am Port Rìgh.
Thàinig an naidheachd an dè gun ceannaich NHS na Gàidhealtachd an dachaidh cùram le taic bho Riaghaltas na h-Alba. Chaidh cuideachd aithisgean fhoillseachadh le buideann sgrùdaidh a chùraim a sheall cho truagh is a bha ìre a chùraim agus sàbhailteachd ann a Home Farm na bu thraithe am bliadhna nuair a chaochail deichnear dhen a luchd-còmhnaidh le Covid-19.
Thuirt Mgr Robasdan gu bheil iad ag amas air cùram aig an ìre is àirde a thoirt seachad.