Soillearachadh air fàire aig Loch Aineoirt

Soilleirichidh Comhairle nan Eilean Siar na rabhaidhean ro chrois rathaid Loch Aineoirt agus Ormaclait an dèidh an dàrna tubaist ann an trì mìosan deug.

Tha cumadh an rathaid agus cnocan mun cuairt a ciallachadh gu bheil e doirbh air pàirtean dhen a rathad carbadan eile fhaichinn. Tha taighean agus ionad ionnsachaidh Cothrom ri taobh na crois rathaid cuideachd.

Tha an aithris seo aig Shona NicDhòmhnaill.