Rabhadh mu "fhuadach eaconamach" sna h-eileanan

  • Air fhoillseachadh
Gerinish

Thàinig rabhadh gu bheil "fuadach eaconamach" air fàire sna h-eileanan le mar a tha prìsean thaighean ag èirigh.

Chuir buidheann de dh'eileanaich òga litir gu na buill phàrlamaid ag ràdh gu bheil cion thaighean a' cur coimhearsnachdan à bith.

Tha an litir ag ràdh gu bheil taighean anns na h-eileanan agus air a' Ghàidhealtachd cho daor 's nach urrainn do dhaoine òg ionadail an ceannach.

Ged nach e trioblaid ùr a tha sin tha iad ag ràdh cuideachd gu bheil èiginn a' Choròna-bhiorais a' deanamh an t-suidheachaidh nas miosa buileach leis gu bheil barrachd dhaoine a bha roimhe ag obair ann an oifis a-nis mothachail gun urrainn dhaibh a bhith ag obair bhon taigh.

Tha iad cuideachd a' togail air an àireamh thaighean a tha air an cleachdadh mar dàrna dachaigh 's iad ag ràdh gur e dachaighean 'son saor-làithean a tha ann an 40% de na taighean ann an Tiriodh agus air taobh Siar na Hearadh.

Duilgheadas

Tha an croitear agus fear-ciùil Pàdraig Moireasdan, aois 24 agus à Griomasaigh, am measg na chuir ainm ris an litir. Thuirt e: "Bha duilgheadas ann a thaobh obraichean. Tha sin a-nis air gluasad gu duilgheadas a thaobh taigheadais agus 's e sin a tha gu bhith a' cur maill air coimhearsnachdan sna h-eileanan."

Tha a' bhuidheann ag iarraidh prìomhachas do dh' òigridh nuair a thig e gu a bhith a' reic dachaigh no ga cuir a-mach air màl agus tha iad a' moladh sgeama pìleat ann an Uibhist.

Mar phàirt den sgeama tha iad a' moladh gum bi taighean a thèid air a' mhargaidh ga shanasachd gu h-ionadail an toiseach mus tèid an sanasachd gu nàiseanta.

Tha a' bhuidheann cuideachd ag ràdh gun gabhadh an lionra coimhearsnachd làidir acasan a chleachdadh airson fiosrachadh mu thaighean a tha ri fhaotainn a thoirt gu aire eileanaich òga aig a bheil ùidh ann a bhith a' faighinn dachaigh.

Sanasachd

A' bruidhinn air Aithris na Maidne mhol Mgr Moireasdan gun cuireadh Comhairle nan Eilean Siar cìs na dàrna dachaigh an àirde.

Bu mhiann leis cuideachd gum beachdaicheadh a' choimhearsnachd fhèin air a' chùis.

Tha a' bhuidheann ag ràdh gu bheil seo air tachairt ann an Uibhist, gu ìre, mar-tha far an do dh'aontaich neach taigh a bha iad a' dol a chur a-mach air màl a shanasachd gu h-ionadail an toiseach.

Bha grunn thagraichean ann agus chaidh an taigh a thoirt do chàraid òg le triùir chloinne a bha a' tilleadh dhan sgìre.

Tha an litir seo ga sgrìobhadh an dèidh do luchd-rannsachaidh rabhadh a thoirt gum faodadh a' Ghàidhlig a dhol à bith mar chànan coimhearsnachd sna h-eileanan taobh a-staigh deich bliadhna.

Tha litir ag ràdh gu bheil suidheachadh an taigheadais a' cur ri mar a tha a' Ghàidhlig a' crìonadh sna coimhearsnachdan.