Còmhraidhean coimhearsnachd mu shuidheachadh na Gàidhlig
- Air fhoillseachadh

Bidh sreath de chòmhraidhean còimhearsnachd 's na h-Eileanan an Iar, san Eilean Sgitheanach agus ann an Tiriodh mu shuidheachadh na Gàidhlig.
Tha seo a' togail air an rannsachadh 'The Gaelic Crisis in the Vernacular Community' a thuirt gun robh a' Ghàidhlig ann an cunnart a dhol à bith mar chànan còimhearsnachd taobh a-staigh deich bliadhna mura tèid atharrachaidhean a chur an sàs.
'S e ball pàrlamaid Albannach nan Eilean Siar, Alasdair Allan, a tha a' cur nan còmhraidhean air dòigh agus tha e ag obair còmhla ri ùghdarran na h-aithisg bho sgioba sgrùdaidh Soillse, a tha stèidhichte aig Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean, agus buidheann de bhuill phàrlamaid thar-phàrtaidh.
Thèid ochd coinneamhan a chumail anmoch as t-foghar ann an Leòdhas, na Hearadh, Uibhist a Tuath, Uibhist a Deas, Barraigh, Tiriodh agus anns an Eilean Sgitheanach.
Bidh cothrom aig buidhnean agus aig muinntir nan sgìrean beachdan sgrìobhte a chur a-steach mar phàirt dhen phròiseas.
Coimhearsnachd
A thuilleadh air a bhith a' beachdachadh air mar a thathas a' cleachdadh a' chànain san dachaigh agus anns a' choimhearsnachd, thèid beachdan a shireadh cuideachd air am bu chòir do cho-chomunn coimhearsnachd Gàidhlig - Urras na Gàidhlig - a bhith air a stèidheachadh a chruthaicheadh barrachd chothroman do dhaoine an cànan a chleachdadh gu cunbhalach.
Tha Mgr Allan ag ràdh gu bheil e gu math cudromach gum bi a' choimhearsnachd mar phàirt dhen deasbad agus gu bheil a' choimhearsachd a' faireachdain gu bheil daoine ag èisteachd ri na beachdan aca.
"Feumaidh deasbad farsaing a bhith ann mun Ghàidhlig san àm ri teachd agus mu na ceumannan a dh'fheumas a bhith air a ghabhail.
"Aig deireadh an là bu chòir a' choimhearsnachd a bhith an sàs sa chùis bhon toiseach gu an deireadh, leis an riaghaltas a' toirt taic," thuirt e.
Cha deach cinn là a chur air dòigh airson nan coinneamhan fhathast.
Ri linn riaghailtean Covid-19 chan eil fhios le cinnt aig an ìre-sa dè an cruth a bhios air na coinneamhan - am bi iad air-loidhne no am bi measgachadh de dhaoine an làthair agus feadhainn eile air ceangal bhideo.