Mì-thoileachas a' leantainn mu phlana ceannais sgoile

  • Air fhoillseachadh
Sgoil Sir E. Scott, an TairbeartTùs an deilbh, MJ Richardson/Geograph

Sgrìobh Fòram na Hearadh chun a h-uile comhairlaiche sna h-Eileanan an Iar ag iarraidh orra beachdachadh a-rithist air plana a chuireadh aon cheannard-sgoile air trì sgoiltean sa sgìre.

Dh'iarradh Comhairle nan Eilean Siar gum biodh aon cheannard os cionn Sgoil MhicNeacail, Sgoil an Tairbeirt agus Sgoil an t-Òib.

Tha beachd làidir am measg mhuinntir na Hearadh, ge-tà, nach robh co-chomhairleachadh ceart ann agus tha dragh orra mun bhuaidh air foghlam.

Tha a' chomhairle ag ràdh gu bheil an aon mhodal ag obair ann an sgìrean eile gun droch bhuaidh sam bith.

Thuirt Cathraiche Fòram na Hearadh, Coinneach MacLeòid: "Chan eil sinn an aghaidh ceannasan-sgoile co-roinnte ann am prionnsabal. Tha sin air a bhith againn roimhe far am biodh an aon cheannard os cionn dha no thrì dhe na sgoiltean beaga.

Plana

"Ach 's e a th'anns a' phlana seo dhà dhe na sgoiltean is motha anns na h-Eileanan a cheangal ri chèile le aon cheannard-sgoile.

"Tha sinn gu bhith anns an t-suidheachadh gu bheil Sgoil MhicNeachail, an sgoil is motha anns na h-Eileanan, agus cha bhi ceannard na sgoile aca ach an treas cuid dhen tìde is iad gu bhith a' coimhead às deidh Sgoil an Tairbeirt agus Sgoil an t-Òib cuideachd.

"Chan eil sinn a' faicinn gu bheil sin ciallach is riatanach agus cha deach beachdachadh ceart a dhèanamh air," thuirt Mgr MacLeòid.

Thuirt Comhairle nan Eilean Siar gu bheil aon cheannard air a bhith os cionn barrachd na aon sgoil anns na h-Eileanan is gu bheil seo a' tachairt ann an sgìrean eile is nach eil e ann an dòigh sam bith a' lùghdachadh chothroman ionnsachaidh is teagaisg ann an sgoiltean.

Chaidh iad às àicheadh nach do bhruidhinn iad ris a' choimhearsnachd mu na h-atharrachaidhean seo.