Geàrr-chunntas air naidheachdan 11:00m, le clàr-fuaime na chois.
Thuirt Rùnaire na h-Àrainneachd ann an Westminster, George Eustice, nach ann a' cur às do dh'Aonta Bhrexit a tha Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte le plana 'son lagh ùr an àite pàirt de na chaidh aontachadh leis an Aonadh Eòrpach. Chuireadh na tha am beachd an Riaghaltais às do shiostam cuspainn ùr do dh'Eirinn a Tuath a tha ag amas air crìoch chruaidh ri Poblachd na h-Eireann a sheachnadh. Thuirt Mgr Eustice gur ann a' sgioblachadh a' phròiseis chuspainn a tha an Riaghaltas. Tha na Làbaraich agus an SNP ag ràdh gu bheil seo a' dearbhadh nach gabh earbsa cuir anns an Riaghaltas aig Boris Johnson.
Dh'innis Stiùriche Clionaigeach Nàiseanta na h-Alba gu bheil APP 'son sgeul a chumail air a' Choròna-bhìoras gu math faisg air a bhith deiseil agus gum faodadh e tòiseachadh an ceann beagan lathaichean. Dh'innis an t-Ollamh Jason Leitch dhan BhBC an-diugh gur e inneal fìor fheumail a bhios ann 'son smachd a chumail air Covid-19. Tha sin agus an àireamh chùisean ùra den bhìoras 's fhìor èirigh le dà cheud agus ochd cùis ùr an-de, an t-àrdachadh làitheil 's motha bho àm a' Chèitein.
Thòisich an rannsachadh poblach mu cheannairc Arena Manchester bho chionn trì bliadhna anns an deach dithis thar fhichead a mharbhadh an dèidh consairt Ariana Grande. Bha deuagaire à Barraigh, Eilidh NicLeòid, nam measg. Tha feadhainn a chaill càirdean ag iarraidh tuilleadh soilleireachaidh agus pàirtean den rannsachadh a' dol air adhart air cùl dhorsan dùinte air adhbharan tèarainteachd.
Tha duine an grèim fo amharus muirt an dèidh ionnsaighean sgèine ann am Birmingham anns an deach aon duine a mharbhadh agus seachdar eile a ghoirteachadh. Chaidh an duine, a tha 27 a dh'aois, a chur an grèim ann an sgire Selly Oak ann am Birmingham mu cheithir uairean anns a' mhadainn an-diugh.
Chuir na h-uimhir de mhuinntir nan eilean an ainm ri litir fhosgailte anns am bheil rabhadh gu bheil prìs thaighean cho mòr agus nach urrainn do mhuinntir na sgìre, agus òigridh gu h-àraidh, dachaigh a cheannach dhaibh p'fhèin. Tha an litir ag ràdh gum bi fuadach economaigeach ann mur a tig leasachadh air an t-suidheachadh. Tha luchd-lagh ag ràdh gun tàinig iarratas mòr air taighean anns na h-eileanan tron lockdown le dearbhadh gun tèid aig mòran air an obair a dhèanamh bhon dachaigh agus beachd ann cuideachd nach eil Covid-19 cho bitheanta ann an sgìrean iomallach.
Sgrìobh Forum na Hearadh dhan a h-uile comhairliche 'sna h-Eileanan an Iar ag iarraidh orra beachdachadh a-rithist air plana a chuireadh aon cheannard os cionn Sgoil MhicNeacail, Sgoil an Tairbeirt agus Sgoil an t-Òib. Tha beachd làidir anns na Hearadh nach robh co-chomhairleachaidh ceart ann agus tha dragh orra mun bhuaidh air foghlam. Tha Comhairle nan Eilean Siar ag ràdh gu bheil an aon mhodal ag obair ann an sgìrean eile agus gu bheil iad air a bhith a' bruidhinn ris na buidhnean coimhearsnachd agus ris na sgoiltean.