Triùir a' seasamh ann am fo-thaghadh CNES
- Air fhoillseachadh

Chuir triùir an ainmean air adhart airson seasamh mar thagraichean airson Sgìre Na Hearadh agus Ceann a Deas nan Loch air Comhairle nan Eilean Siar.
Chaidh am fo-thaghadh a ghairm leis mar a dh'fhàg fear dhe na trì comhairlichean san sgìre, Fionnlagh Coineagan, a dhreuchd san Iuchar.
'S iad Grant Fulton às Na Hearadh, Annie Dhòmhnallach às Na Lochan agus Kris O'Donnell à Airidh a' Bhruaich a bhios a' seasamh san taghadh.
Thèid am bhòt a chumail Diardaoin, an 8mh là den Dàmhair.