Taigh-solais Àird nam Murchan ann an làmhan na coimhearsnachd

Às dèidh fichead bliadhna, tha làrach an taigh-sholais an Àird nam Murchan - an t-àite as fhaide gu siar air tìr-mòr na dùthcha - ann an làmhan na coimhearsnachd.

An-uiridh fhuair Urras an Taigh-sholais taic-airgid, luach cha mhòr cairteal a' mhillean not, bho Stòras Fearainn na h-Alba.

Agus aig deireadh an Iuchair am bliadhna, chaidh am fearann a chur fo smachd an Urrais.

Seo Seonaidh MacCoinnich.