Staing taigheadais air fàire?

Chuir buidheann de dhaoine air a' Ghàidhealtachd 's às na h-Eileanan litir chun nam ball-pàrlamaid aca le rabhadh gu bheil dìth thaighean ann an an cunnart coimhearsnachdan a chur à bith.

Tha an litir ag ràdh gu bheil taighean anns na h-Eileanan, nuair a thig iad air a' mhargaidh, cho daor 's nach urrainn do dhaoine òga às an àite fhèin an ceannach.

Ged nach e trioblaid ùr tha seo tha amharas ann gu bheil èiginn a' choròna-bhìorais air cùisean a dhèanamh nas duilghe buileach.

Seo Doneil MacLeòid.