App ùr 'son luchd-còmhnaidh dachaighean-cùraim a dhìon

  • Air fhoillseachadh
Dachaigh-chùraim CastlehillTùs an deilbh, Dachaigh-chùraim Castlehill

Thèid app ùr a tha ag amas air luchd-còmhnaidh dachaighean-cùraim, a dhìon a chleachdadh airson a' chiad uair an ath mhìos ann an Inbhir Nis.

Cumaidh an app, a thèid a chleachdadh le Dachaigh-chùraim Castlehill, sùil air slàinte teaghlaichean an luchd-còmhnaidh agus nì e co-dhùnadh a bheil e sàbhailte dhaibh tadhal air an dachaigh.

Bidh an app cuideachd a' toirt rabhaidh seachad ma bhriseas daoine riaghailtean astarachadh sòisealta nuair a tha iad am broinn an togalaich.

Chaidh an app a chur air dòigh le co-bhanntachd eadar NHS na Gàidhealtachd, Wyld Networks agus Highland Health Ventures.

Dealbh soilleir

A thuilleadh air an app fòn-làimhe, thathar cuideachd a' cleachdadh uidheamachd bann-dùirn a bhios air luchd-còmhnaidh agus luchd-obrach, agus bathar-bog "geo-fencing" airson dealbh soilleir fhaighinn.

Tha Àrd-oifigear Wyld Networks, Alastair Williamson, ag ràdh gum bi an app ag obair taobh a-staigh na dachaigh-cùraim a mhàin.

"Tha sinn a' cruthachadh balla "virtual" timcheall an dachaigh-chùraim agus 's ann nuair a choisicheas tu tron bhalla "virtual" a tha sin a tha an app a' tòiseachadh ag obair.

"Aon uair 's gum fàg thu, tha an app a' dùnadh agus chan eil clàradh sam bith a' dol air adhart taobh a-muigh an togalaich," thuirt e.