Luchd-taic gu bhith ceadaichte aig dà gheam
Chaidh dearbhadh gum bi luchd-taic aig geamannan Obar Dheathain an aghaidh Chille Mheàrnaig agus Ross County an aghaidh Celtic Disathairne mar dheuchainn.
Bidh cead aig mu 300 neach a bhith aig gach geam, is Riaghaltas na h-Alba agus an SFA an dòchas gur e seo a' chiad cheum gus luchd-taic a thilleadh chun na geamannan air fad.
Tha Ailean MacLeòid ag aithris.