Freagairt do staing an taigheadais air a' Ghàidhealtachd?
- Air fhoillseachadh

Tha ailltire às an Eilean Sgitheanach a' moladh fuasgladh don trioblaid le cion taigheadais do dhaoine òga air Ghàidhealtachd agus anns na h-eileanan.
Tha Alasdair Stephen air dragh a thoghail mar tha mun t-suidheachadh.
Thuirt e ann an 2017 gu feumadh Riaghaltas na h-Alba airgead mòr a chosg airson piseach a thoirt air cùisean.
Chan eil e faicinn gu bheil mòran feabhais a' tighinn air staing an taigheadais ach tha moladh aige mar dhòigh air adhart.
Tha Mgr Stephen den bheachd gu bheil tòrr de thaigheadas sòisealta tric gan togail ann am bailtean nas motha mar Steòrnabhagh is Portrìgh seach a-muigh air an dùthaich.
Tha e togail air prìs àrd an fhearainn an diugh agus gu bheil sin na cnap-starradh do dhaoine òga ann an sgìrean dùthchail nan eilean agus cuideachd cho daor sa tha e an uairsin taigh a thogail, ged a bhiodh pìos talmhainn agad.
Tha Mgr Stephen a' moladh an aona sheòrsa taigh a thogail mar dhòigh gus cosgaisean a chumail sìos gun atharrachadh sam bith a thoirt air a' phlana.
Tha e ag ràdh gun cuidicheadh seo leis gum biodh cothrom ann do dhaoine òga na taighean aca fhèin a thogail an àite a dhol a-steach don mhargaidh fhosgailte.
Tha Riaghaltas na h-Alba ag ràdh gu bheil iad air £50m a chur ma seach airson taighean sòisealta agus gun deach adhartas a dhèanamh.