Mascaichean aig ospadalan nan Eilean Siar

  • Air fhoillseachadh
Ospadal nan EileanTùs an deilbh, BBC

Bho Dhiciadain, feumar mascaichean no còmhdach aodainn a chaith airson a dhol a-steach do dh'ospadalan nan Eilean Siar.

Tha seo mar thoradh air molaidhean an riaghaltais agus feumar an caith aig Ospadal nan Eilean ann an Steòrnabhagh, Ospadal Uibhist is Bharraigh ann am Beinn na Fadhla agus Ospadal Naomh Brianain ann am Barraigh.

Feumaidh luchd-obrach an NHS, aoighean sam bith agus euslaintich a tha tadhal air an ospadal na masacaichean aca fhèin a chuir ùmpa no fear fhaighinn bho NHS nan Eilean Siar air an t-slighe a-steach.

Feumaidh luchd-obrach clionaigeach cumail orra le bhith cur ùmpa na mascaichean sònraichte aca-san.

Tha seo na oidhirp a bharrachd luchd-obrach, euslaintich agus aoighean a dhìon bho ChOVID-19, gu h-àraidh le mar a tha cothrom a bharrachd ann dhan ghalair sgapadh bho chaidh an lockdown a lagachadh.

Thuirt NHS ann Eilean Siar gu robh an sgìre air a bhith fortanach le ìrean gu math ìosal den ghalair air an clàradh an taca ri cha mhòr a h-uile sgìre eile agus mar sin gu robh e air leth cudromach feuchainn ri stad a chur air bho bhith sgapadh.