Turtar sònraichte far Eilean nam Muc

  • Air fhoillseachadh
Leatherback

Chaidh turtar droma-leathair fhaicinn far chosta Eilean nam Muc - uair ainneamh a tha an leithid ri fhaicinn ann an uisgeachan na h-Alba.

Thuirt Urras Mucan-mara is Leumadairean Innse Gall gun tàinig am beathach gu math faisg air aon de na soithichean rannsachaidh aca aig deireadh na seachdaineach.

Tha iad ag ràdh gu bheil e neo-àbhaisteach am faicinn an seo - agus thuirt iad gur e tachartas sònraichte dha-rìreabh a bh' ann don chriutha an leithid fhaicinn rin taobh.

Bha iad a' flodraich ri taobh a' bheathaich agus e a' cleachdadh na fliopairean mòra aige airson e fhèin a ghluasad tron uisge.

Se turtar droma-leathair an turtar mara às motha air an t-saoghal - a' ruighinn 2.5m de dh'fhaid agus tha iad aithnichte airson craiceann dubh mar leathar a tha a' còmhdach na slige aca.