Tobar Mhoire ga dhìon bho thuiltean

  • Air fhoillseachadh
Tobar MhoireTùs an deilbh, Anne Burgess/Geograph

Thòisich obair gus an sgìre timcheall Cala Thobair Mhoire ann am Muile a dhìon bho thuiltean.

Tha balla ga thogail gus Prìomh Shràid a' bhaile a dhìon bho làn àrd nuair a bhios reothairt mhòr ann, agus nuair a bhios stoirmean ann.

Tha muinntir an àite an dòchas gun toir sin lùghdachadh air na dh'fheumas iad pàigheadh airson àrachais, 's gum fàg e nas fhasa cead-dealbhachaidh fhaighinn.

Tha dùil gum mair am pròiseact 12 seachdainnean, 's e ga mhaoineachadh le £145,000 bho Mhaoin Oighreachd a' Chrùin aig Riaghaltas na h-Alba.