Farpais ri luchd-obrach sgileil "ceàrr"

  • Air fhoillseachadh
Beàrnaraigh Leòdhais

Thuirt luchd-iomairt a tha ag iarraidh gum faigh daoine òga às na h-eileanan fhèin ciad thairgse air taighean a thèid air a' mhargaidh, gu bheil iad a' dol an aghaidh beachd a nochd eòlaiche air margaidh an taigheadais anns na h-Eileanan Siar.

Tha an luchd-iomairt ag iarraidh gun tèid sgeama pìleat a stèidheachadh airson a leithid ann an Uibhist, 's iad ag ràdh gu bheil na tha de thaighean a' dol nan taighean-samhraidh agus nan dàrna dachannan, ag adhbharachadh "fuadachaidh eaconomaich".

Thuirt duine a tha eòlach air margaidh an taigheadais sna h-eileanan, nach robh airson 's gun deadh ainmeachadh, gun adhbharaicheadh a leithid duilgheadasan ann a bhith a' lìonadh obraichean sgileil, leithid thidsearan agus dhotairean-teaghlaich, a tha mar thà doirbh a lìonadh sna h-eileanan.

Ach cha deach an luchd-iomairt le sin idir, 's iad ag ràdh gu bheil e "ceàrr Eileanaich òga a chur ann am farpais dhìrich ri daoine ann an obraichean 'sgileil'".

"Aig bun a' ghnothaich, tha dìth thaighean a' fàgail gu bheil e na dhùbhlan do gach cuid muinntir nan Eilean agus daoine 'sgileil' taigh iomchaidh a lorg," thuirt dithis den luchd-iomairt, Liam Crouse is Pàdruig Moireasdan.

"Tha cion taigheadais air a bhith na dhùbhlan roimhe ann a bhith a' tàladh dhaoine 'sgileil' gu sgìrean dùthchail.

Bacadh

"Ann an 2018 thuirt NHS na Gàidhealtachd gun robh dìth àiteachan-còmhnaidh iomchaidh na bhacadh ann a bhith a' fastadh luchd-cùraim sgileil anns an Eilean Sgitheanach.

"A thuilleadh air sin tha eisimpleirean ann an àiteachan eile, leithid Eileanan Caolas Shasainn, far a bheileas a' measadh an fheuma a tha diofar dhaoine a' toirt dhan àite nuair a thathar a' comharrachadh phrìomhachasan airson taigheadais.

"Dh'fhaodadh siostam mar sin a bhith air a ghleusadh airson nan eileanan," thuirt iad.

Thuirt an luchd-iomairt, mura tèid rudeigin a dhèanamh san aithghearrachd, gu bheil cunnart ann gum bi coimhearsnachdan eileanach air an lagachadh cho mòr 's nach bi feum air cuid de luchd-obrach sgileil annta.

"Tha an suidheachadh seo mar-thà a' tachairt ann an cuid de sgìrean leithid Bheàrnaraigh Leòdhais, far a bheil taighean-samhraidh a' sìor dhol am meud," thuirt iad.

"Ma leanas an suidheachadh air, cha bhi clann òg aois bun-sgoile anns an eilean tuilleadh."

Tuilleadh air an sgeulachd seo