Covid-19 air bòrd bàta air taobh sear Rois
- Air fhoillseachadh

Thàinig dearbhadh gu bheil Covid-19 air cuid den chriubha a th' air bàta as Nirribhidh agus a th' aig port air taobh sear Rois.
Dh'innis Port Linne Chrombaigh gun deach innse dhan luchd-obrach gum feum iad fuireach air bòrd a' bhàta, an Normand Energy, ann an Inbhir Ghòrdain.
Thuirt fear-labhairt gun deach obair aig a' chidhe, far am biodh daoine ag obair còmhla, a chur dheth ri linn.
Thuirt Stiùiriche na Slàinte Poblaich aig Bòrd na Slàinte, an Dr Tim Alison, gu bheil iad ag obair còmhla ri Comhairle na Gàidhealtachd agus nach eil cunnart ann gun sgap am bhìoras anns a' choimhearsnachd.
Thathas a' feitheamh brath bhon chompanaidh leis a bheil an soitheach.