Cùisean-lagh gan togail an aghaidh HC-One

Tha coltas ann gun tèid cùis-lagh a thogail an aghaidh HC-One co-cheangailte ri na bhàsaich leis a choròna-bhìoras anns na dachaidhean-cùraim aca.

Chaochail deichnear den an luchd-còmhnaidh leis a choròna-bhìoras aig Home Farm ann am Port Rìgh.

Dh'innis a' chompanaidh lagha, Leigh Day, gu bheil iad a' beachdachadh air a' chuis as leth nan teaghlaichean a chaill luchd-daimh. Tha cuid de theaghlaichean Albannach a' cleachdadh na companaidh PBW Law. Tha an aithris seo aig Karen Elder.