Call mòr do dh'Eden Court

  • Air fhoillseachadh
Beauty and the BeastTùs an deilbh, Ewen Weatherspoon
Fo-thiotal an deilbh,

Bha na mìltean aig Eden Court an-uiridh airson Beauty and the Beast.

Dh'innis taigh-cluiche Eden Court ann an Inbhir Nis gun caill iad £350,000 is fear de na tachartasan bliadhnail as motha aca air a chur dheth ri linn Chovid-19.

Thuirt iad gu bheil an treas cuid den teachd a-steach aca gach bliadhna a' tighinn bho thiceadan 'son panto-maim na Nollaige a reic.

An-uiridh tharraing Beauty and the Beast 36,000 duine gu Eden Court.

Ach dh'innis iad gu bheil an cunnart a dh'fhaodadh a bhith ann bhon Choròna-bhìoras do chleasaichean, luchd-obrach is luchd-amhairc a' fàgail gun tèid panto na bliadhna, Cinderella, a chur dheth.

Do-dhèanta

Caillidh iad £350,000 agus bheir an co-dhùnadh buaidh air ceithir cleasaichean deug.

"Tha seo air a bhith ag obair orm fad grunn mhìosan", thuirt àrd-stiùiriche Eden Court, Seumas MacCoinnich-Blackman.

"Bha sinn airson feitheamh cho fada 's a b' urrainn dhuinn ach bha againn ri co-dhùnadh a dhèanamh is feumaidh sinn gabhail ris gum biodh e do-dhèanta panto-maim a bhith againn am-bliadhna".

Tha Eden Court an dùil is an dòchas am panto a chur air adhart an ath-bhliadhna.

"Thèid Cinderella chun bhàla, ach aig àm na Nollaig 2021", thuirt Mgr MacCoinnich-Blackman.