Fuasgladh a thaobh R100
- Air fhoillseachadh

Dhearbh Riaghaltas na h-Alba gun deach aonta a dhèanamh ann an cùis-lagha a bha a' cur maill air pròiseact gus bann-leathann fìor luath a sgaoileadh air a' Ghàidhealtachd is anns na h-Eileanan.
Bha dùil bho thùs gum biodh prògram R100 air a chur an sàs as t-Earrach 2021.
Chaidh dàil air a' chùmhnant airson a' chinn a tuath ge-tà, is tè de na companaidhean a bha a' farpais air a shon, Gigaclear a tha stèidhichte ann an Siorrachd Oxford, a' toirt Riaghaltas na h-Alba gu lagh.
Tha an Riaghaltas a-nise ag ràdh gu bheil iad air aonta a ruighinn.
Fàilte
Thuirt iad gu bheil na tha an cois an aonta sin dìomhair.
Thèid an cùmhnant luach £380m gu BT.
Thuirt an Riaghaltas gu bheil an sgeama eàrlais aca a' ciallachadh gum faigh a h-uile duine a tha feumach air bann-leathann fìor luath ro dheireadh 2021 ceangal.
Chuir pàrtaidhean dùbhlanach aig Holyrood fàilte air an naidheachd gun deach aonta a ruighinn, is iad ag radh gu bheil coimhearsnachdan aig tuath air a bhith a' feitheamh bhliadhnaichean airson bann-leathann nas fheàrr.