Covid air 13 an Earra-Ghàidheal

  • Air fhoillseachadh
Faiche a' Chòbha, an CòbhTùs an deilbh, Phil Williams

Dhearbh NHS na Gàidhealtachd gu bheil còrr air 13 duine leis a' Choròna-bhìoras, às dèidh tachartais phrìobhaidich aig cluba-bobhlaidh ann an Earra-Ghàidheal o chionn seachdain.

Dh'innis an t-ùghdarras slàinte gur ann aig Cluba-bobhlaidh a' Chòbh is Cille Chreagainn ann an Ros Neimhidh, air an 7mh là den t-Sultain, a sgap am bhìoras am measg na buidhne.

Tha rannsachadh a' dol air adhart gus feadhainn a bha faisg orra a lorg gus an cùm iad fhèin fa leth bho chàch.

Bho an t-seachdain seo chan eil e ceadaichte do shianar bho dhà dhachaigh coinneachadh.