Luaidh air Eilidh NicLeòid

  • Air fhoillseachadh
Eilidh NicLeòidTùs an deilbh, Dealbh bhon teaghlach
Fo-thiotal an deilbh,

Bha Eilidh an sàs ann an Còmhlan Pìoba Sgoil Lionacleit - rud a bha a' còrdadh rithe gu mòr.

Chaidh bhideo a shealltainn aig sgrùdadh poblach mun spreadhadh bhoma aig Arena Mhanchester, a rinn luaidh air Eilidh NicLeòid à Barraigh, a chaidh a mharbhadh san ionnsaigh sa Chèitean 2017.

'S e teaghlach agus caraidean an deugaire a chur am bhideo ri chèile, mar phàirt de phortraid a bha ga deànamh den 22 dhuine a chaill am beatha.

Bha seallaidhean de Bharraigh agus dealbhan de dh'Eilidh ri fhaicinn, le ceòl na pìoba ri chluinntinn mar chuimhne oirre.

Briste

Rinn luchd-teagaisg, caraidean agus teaghlach Eilidh luaidh oirre ag ràdh gur e nighean laghach a bh' innte, làn gaoil agus sonais.

Bhruidhinn màthair Eilidh air mar a bhris an saoghal air an robh iad eòlach ann am pìosan 's gum bi i ag ionndrainn Eilidh a-chaoidh.

Thuirt a h-athair, Ruairidh gum faca e misneachd Eilidh a' fàs fhad 's a bha i a' cluiche ann an Còmhlan Pìoba Sgoil Lionacleit.

Moiteil

Bha i moiteil nuair a bhuannaich iad farpais chòmhlan pìoba eadar-nàiseanta, thuirt e.

Bha sin naoi mìosan ron ionnsaigh cheannairc.

'S e seo an dàrna seachdain den sgrùdadh phoblach, agus tha dùil gun lean an sgrùdadh chun an Earraich an ath-bhliadhna.

Rinn Cathraiche an rannsachaidh, Sir Iain Saunders moladh air a' bhideo.

"Tha ceòl air a bhith na phàirt mhòr de mo bheatha.

"'Ged nach robh mi riamh dèidheil air a' phìob-mhòir, a' coimhead air sin, tha mi a' tòiseachadh air m' inntinn atharrachadh", thuirt e.