Naidheachdan 11:00m

Chaidh 156,000 eile ris an àireamh dhaoine òga, eadar 16 agus 24, a tha gun chosnadh sna trì mìosan dhan Iuchair. Thuirt Oifis nan Staitistig Nàiseanta gun do dh'èirich ìre a' chion-cosnaidh air feadh Bhreatainn gu 4.1% suas bho 3.9% sna trì mìosan. Sin an ìre as motha bho chionn dà bhliadhna agus tha an ìre ann an Alba nas motha buileach aig 4.6%. Chuir sin an àireamh a bha gun chosnadh ann an Alba suas beagan gu 128,000 sna trì mìosan dhan Iuchair.

Ghabh am bile, a tha a' moladh atharrachaidh ann an aonta sgaraidh Bhrexit, a chiad cheum ann an Taigh nan Cumantan. Chuir mòr-chuid de 77 taic ris an-raoir. Tha ministearan ag ràdh gun cuir e dìon air Èirinn a Tuath an taobh a-staigh na Rìoghachd Aonaichte ma 's e agus nach soirbich na còmhraidhean malairt. Tha dithis Bhall-Pàrlamaid Tòraidheach am measg na bhòt na aghaidh.

Gabhaidh buill ann am Pàrlamaid na h-Alba tuilleadh fianais an-diugh agus iad a' rannsachadh mar a chaidh dèiligeadh ri gearain mun t-seann Phrìomh Mhinistear Albannach, Ailig Salmond. Tha Peter Housden a bha na Àrd-Rùnaire ann an Riaghaltas na h-Alba airson 5 bliadhna, suas gu 2015, am measg na bheir fiosrachadh dhan chomataidh.

Tha luchd-gnìomhachais ann an Port Rìgh a' fàgail air comhairle coimhearsnachd na sgìre gu bheil iad a' cur chosnaidhean ann an cunnart. 'S e a rinn Comhairle Coimhearsnachd Phort Rìgh 's a' Bhràighe ach sgrìobhadh gu Comhairle na Gàidhealtachd ag iarraidh àiteachan-suidhe a thoirt air falbh bho thaobh a-muigh Thaigh-òsta Phort Rìgh agus iad a' gearain nach deach co-chomhairle cheart a dhèanamh le muinntir a' bhaile. Tha co-dhiù trì taighean-seinnse agus aiteachean-bìdhe eile ann am Port Rìgh air àiteachan-suidhe a chur a-muigh air an t-sràid.

Tha rathad an A82 fhathast dùinte faisg air a' Chrìon-Làraich an dèidh tubaiste eadar càr agus làraidh goirid ro 04:00m an-diugh. Chan eil an còrr fiosrachaidh ann an-dràsta ach gun tuirt poileas gum bi an rathad dùinte 'son ùine.