Cha deach màl a phàigheadh air Caisteal Leòdhais
- Air fhoillseachadh

Tha am BBC a' tuigsinn nach eil a' chompanaidh TogetherTravel, a b' àbhaist a bhith fon ainm Natural Retreats, air sgilling màil a phàigheadh do Chomhairle nan Eilean Siar airson an taighe-òsta a tha iad air a bhith a' ruith aig Caisteal Leòdhais bho 2016.
Thàinig am fiosrachadh seo am follais ann am freagairt fo iarrtas Achd Saorsa an Fhiosrachaidh.
Thathas cuideachd a' tuigsinn gu bheil a' Chomhairle air aontachadh £400,000 a thabhann air Kenman Holdings airson cùis a' Chaisteil a rèiteach.
Chan eil e soilleir an robh seo mar phàirt den chùmhnant bho thùs neo a bheil adhbhar eile ann nach eil a' Chomhairle air a bhith a' faighinn màil.
Bha Kenman Holdings a' maoidheadh a' Chomhairle a thoirt gu lagh mun dòigh san deach an cùmhnant airson an taigh-òsta aig a' chaisteal a thoirt seachad, 's iad a' cumail a-mach gun deach righailtean Eòrpach a bhriseadh, agus gun do rinn e cron air a' ghnothachas aca.
Tha sinn a' tuigsinn gu bheil an suim airgid a chaidh a thabhann timcheall air £400,000, ach tha còmhraidhean a' leantainn agus dh'fhaodadh seo a dhol suas mus tèid a' chùis a rèiteach.
Thathas a' feitheamh beachd bho Chomhairle nan Eilean Siar.