Am bhìoras ann an Ceann Loch Lìobhainn
- Air fhoillseachadh

Dhearbh Bòrd Slàinte na Gàidhealtachd gu bheil cùisean den Choròna-bhìoras ann an Ceann Loch Lìobhainn.
Thuirt iad gu bheil ceathrar air dearbhadh fhaighinn gu bheil Covid-19 orra, agus gu bheil sgioba dìon na slàinte a' dèiligeadh ris.
Thuirt Bòrd Slàinte na Gàidhealtachd gu bheil ceangal aig na cùisean seo uile ri Taigh-òsta MhicDhòmhnaill ann an Ceann Loch Lìobhainn.
Chaidh an taigh-òsta a dhùnadh air a shàilleabh agus chaidh iarraidh air an luchd-obrach fuireach a-staigh fad cola-deug.
Tha fios a-niste ga chur air an fheadhainn a th'air a bhith faisg air a' cheathrar a fhuair dearbhadh gu bheil am bhìoras orra, agus thathas ag iarraidh orrasan fuireach a-staigh fad cola-deug cuideachd.
Thuirt Stiùiriche na Slàinte Poblaich aig a' bhòrd slàinte, an Dtr Tim Allison, gu bheil iad ag aithneachadh gum bi seo na adhbhar iomagain, ach thuirt e gu bheil an rannsachadh a thathas air a dhèanamh thuige seo a' sealltainn nach eil e air sgapadh sa choimhearsnachd.
Ach dh'iarr e air daoine cumail ris a' chomhairle a th'ann a thaobh bacadh a chur air sgapadh a' Choròna-bhìorais.