Smachd air sgudal
- Air fhoillseachadh

Dh'iarr diofar bhuidhnean air Riaghaltas na h-Alba smachd fhaighinn air daoine a tha a' ceathamh sgudal gu mì-laghail ann an sgìrean dùthchail.
A' sgrìobhadh litir gu Rùnaire na h-Àrainneachd, Roseanna Choineagain, tha NFU na h-Alba, Fearan agus Oighreachdan na h-Alba, Co-bhanntachd an aghaidh Èucoir Dùthchail, Cùm Alba Àlainn agus Urras nan Coiltean ag ràdh gu bheil e riatanach atharrachadh a dhèanamh anns an dòigh 'sa bheil an dùthaich a' deiligeadh ri sgudal mì-laghail.
Tha iad ag ràdh gu bheil cus fòcas an dràsta air a bhith togail sgudail dhaoine eile an àite a bhith ag oideachadh an t-sluaigh a thaobh a' chron a tha seo a' dèanamh air an àrainneachd, air beathaichean agus air mac an duine fhèin.
Gnàth-thìde
Bidh Co-labhairt a UN air Àtharrachadh na Gnàth-thìde ann an Alba an ath bhliadhna agus a-rèir na buidhnean seo, tha cothrom ann daoine a bhrosnachadh gu bhith coimhead às dèidh na sgìrean dùthchail prìseal a th'againn.
Mhol iad gum bu chòir ro-innleachd nàiseanta a chur an sàs 'son smachd fhaighinn air na daoine a tha a' ceathamh sgudal gu mì-laghail, 's gum bu chòir co-obrachadh a bhith ann eadar diofar bhuidhnean a tha an sàs ann an obair àrainneachd.
Thuirt iad cuideachd gum bu chòir sgrùdadh nas fhèarr a dhèanamh a thaobh dè cho mòr 'sa tha an trioblaid seo agus dè bhuaidh a tha e a' toirt air na sgìrean anns a bheil e a' tachairt.
Iomairt
Leis an fhiosrachadh sin, dh'fhaodadh iomairtean ionadal a chur air dòigh 'son smachd fhaighinn air an èucoir.
"A h-uile seachdain a tha sinn a' fàgail seo mar a tha e, tha pìos eile den an dùthaich bhreagha againn ga mhilleadh.
"Tha sinn gu daingeann dhen bheachd ma dheiligeas sinn ris an èucoir seo, bheir e buaidh maireannach air an eaconamaidh, an àrainneachd agus air an t-sluagh", thuirt an litir.