Naidheachdan 11:00m

Tha an t-aonadh Unite ag iarraidh air riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte an sgeama fòrlaidh a' leudachadh agus iad ag ràdh gum bi tuil de chall cosnaidh ann mur a tachair sin. Feumaidh companaidhean a tha am beachd còrr is ceud cosnadh a ghearradh nuair a thig an sgeama fòrlaidh gu ceann air an là mu dheireadh den Dàmhair sin innse, ro dheireadh an là an-diugh, dhan luchd-obrach air an toir e buaidh.

Thuirt Ministear Oifis na h-Alba, Ian Stiùbhart, gu bheil leudachadh a' tighinn air deuchainnean Covid-19 ann an Alba agus dragh ann mun iarratas 'son na seirbheis sin air feadh na Rìoghachd Aonaichte. Bidh an riaghaltas ann an Westminster a' foillseachadh fiosrachaidh a dh'aithgearr mun dòigh anns am bi iad a' cuingealachadh nan deuchainnean agus maill mhòr ann leis gu bheil e failneachadh air an t-siostam cumail ris an iarratas.

Reat na h-atmhorachd

Tha na figearan as ùire ag ràdh gun tug an sgeama Eat Out to Help Out buaidh mhòr air reat na h-atmhorachd ann am Breatainn a thuit, anns an Lunasdal, dhan ìre is lugha ann am faisg air còig bliadhna, aig 0.2%. Bha sin sìos bho 1% anns an Iuchair. Thuirt Oifis nan Staitistig Nàiseanta gun tug gearradh ann an cìs a VAT do ghnìomhachas na h-aoigheachd buaidh cuideachd air na figearan.

Thuirt Neach-Sgrùdaidh nam Poileas gu bheil àrd-oifigearan poileas ann an Alba aig nach eil sgilean bunaiteach 'son na h-obrach. Tha an athaisg ag ràdh gur e cion trèanaidh 's leasachaidh is coireach bho chaidh Feachd Poileas na h-Alba a' stèidheachadh bho chionn seachd bliadhna. Tha an athaisg ag ràdh gu bheil feadhainn a fhuair àrdachadh dreuchd bhon uairsin nach d'fhuair stiùireadh sam bith 'son ceannas, a bharrachd air a' chiad chùrsa manaidsear aca. Thuirt Poileas Alba gu bheil pròiseas ùr aca a niste 'son sin.

Tha Rùnaire nan Dùthchannan Cèin, Dominic Raab, ann an Washington an-diugh a' bruidhinn ri ceannardan poileataigeach anns na Stàitean Aonaichte air am bheil dragh mu phlana an riaghaltais a bhiodh a dubhadh as pàirt de dh'aonta sgaraidh Bhrexit. Thàinig rabhadh às nan Stàitean Aonaichte, ma 'se agus gun dèan am plana sin cunnart do shìth ann an Èirinn a Tuath, gun cuir e teagamh ann an aonta-malairt le Ameireagaidh. Tha Sràid Dhowning ag ràdh gu feum iad aonta sgaraidh Bhrexit atharrachadh gus am bidh malairt agus bathair gun mhaill eadar ceithir dùthchannan na Rìoghachd Aonaichte.

Chuir Àrd-Oifigeach Chomhairle nan Eilean Siar, Malcolm Burr, litir gu luchd-obrach agus e ag ràdh gun robh rudan ceàrr ann an aithrisean réidio air gearraidhean buidseat. Tha litir Mhgr Burr ag ràdh nach eil anns a'phàipear comhairleachaidh ach an suidheachadh a bu mhiosa a dh'fhaodadh a bhith ann. Thuirt e nach eil moladh ann dreuchdan a ghluasad à Uibhist gu ruige Steòrnabhagh agus nach eil guth nas motha ann air àireamh shònraichte de ghearraidhean am measg luchd-obrach. Agus a thaobh nan sgoiltean air am bheileas a' bruidhinn 'son dùnadh, tha litir Mhgr Burr ag ràdh gu bheil a' chomhairle air fiosrachadh soilleir a chumail riutha uile.