Ceistean mu sheirbheis iùil HIAL
- Air fhoillseachadh

Sheall aithisg a chaidh a dhèanamh dhan aonadh Prospect gu bheil cunnart ann gum bi cosgaisean gu math nas àirde na bhathar an dùil aig Companaidh Phort-Adhair na Gàidhealtachd 's nan Eilean (HIAL) le bhith a' gluasad seirbheis iùil nam plèanaichean a dh' Inbhir Nis.
Choimhead an sgrùdadh air na cosgaisean agus na cunnartan an sàs sa phlana aig HIAL. Choimhead e cuideachd air a' bhuaidh air coimhearsnachdan ionadal.
Tha HIAL ag obair air an sgrùdadh aca fhèin mun bhuaidh air na h-eileanan, ach tha a' bhuidheann air a ràdh ge brìth dè am fiosrachadh a gheibh iad gun lean iad orra leis a' phlana a th' aca.
A rèir na h-aithisg a rinn fear Dave Watson do Phrospect:
·Bheir gluasad na seirbheis £18m à eaconomaidh nan eilean.
·Sheall sgrùdadh bho HIAL fhèin gur e am modail seo am far a bu dhuilghe agus a bu chunnartaiche a thoirt gu buil.
·Gu bheil buidhnean leithid HIAL a tha a' cleachdadh teicneolas ùr leithid seo buailteach fulang le trioblaidean a thaobh mar a dh'obraicheas innealan ùra agus an coltas gum bi e a-mach à dèit a dh'aithghearr.
·Chaidh an sgrùdadh aig HIAL a dhèanamh ro Chovid-19 agus mar sin chan eil e a' togail air na duilgheadasan a th' ann dhan ghnìomhachas a' coimhead air adhart.
Draghan
Tha draghan air a bhith aig Cathraiche Comataidh na Còmhdhail aig Comhairle nan Eilean Siar, Ùisdean Robasdan, mun ghluasad seo aig HIAL bho thùs.
"Tha sinn air a bhith an lùib seo airson còrr is bliadhna agus seo na draghan a tha sinn air a bhith a' togail fad an t-siubhail. Tha e math seo fhaicinn air a dhèanamh le cuideigin neo-eisimeileach," thuirt Mgr Robasdan.
"Bha dragh oirnne bho thùs mu shàbhailteachd. Chan fhaca sinne riamh mìneachadh mu dheidhinn sàbhailteachd agus dè na cunnartan a dh'fhaodadh a bhith na lùib agus mar sin bha sinn caran draghail mu dheidhinn sin.
"Cuideachd na cosgaisean, chan fhaca sinn riamh dòigheil dè na cosgaisean a tha gus a bhith ann agus tha sinn iomagaineach mu dheidhinn sin cuideachd. Tha mi an dòchas gun coimhead an Riaghaltas ris a-rithist.
"Tha mi an dòchas gun toir seo am follais na draghan a th' ann agus gun èisd an Riaghaltas," thuirt Mgr Robasdan.
Còmhradh
Thuirt Daibhidh Avery bhon Aonadh Prospect: "Bhon a' chiad là tha HIAL air seo a chur an cèill mar gun robh iad air co-dhùnadh a ruighinn, as aonais còmhradh susbainteach le luchd-obrach is eile agus nas miosa, gun a bhith soilleir idir mu dheidhinn," thuirt e.
"Bheir na planaichean a tha seo deagh obraichean air falbh bho choimhearsnachdan nach fhuiling an leithid de chall, call de £18m às an eaconomaidh," thuirt Mgr Avery.
"Tha e doirbh a chreidsinn gu bheil HIAL a' leantain orra leis na planaichean seo, le taic bho Riaghaltas na h-Alba, nuair a tha na cosgaisean agus na cunnartan cho foilleasach. Agus sin mus beachdaich duine air suidheachadh Covid-19," thuirt e.
Thuirt neach-labhairt airson HIAL: "Bhon nach eil e comasach gun a bhith a' dèanamh sian (suidheachadh a tha Prospect ag aontachadh ris), 's e an gluasad seo an aon fhear a tha a' tabhann freagartan fad-ùine a thaobh a bhith sùbailte, sin nuair a thathar ag obair uairean àbhaisteach agus uairean nach eil àbhaisteach.
"Tha sinn soilleir ach ged a tha sinn a' còmhradh leis an aonadh tha sinn a' cur an aghaidh grunn dhe na puingean anns an aithisg seo a tha Prospect air fhoillseachadh," thuirt iad.