Fear-gnothaich air am prìosan fhaighinn

  • Air fhoillseachadh
GoilfTùs an deilbh, Getty Images

Chaidh fear leis a bheil raon goilf air a' Ghàidhealtachd a chur dhan phrìosan is e air £154,000 fhaighinn tro fhoill.

Rinn Jon Wigget, 51, à Drochaid Sguideil, trì deug iarrtasan VAT fuadan eadar 2014 is 2017, uile stèidhichte air clàran nach robh fìor mu Chluba Goilf Bhrathainn.

Bha Wigget air aideachadh mar-tha gun robh e ciontach.

Chaidh binn còig mìosan deug sa phrìosan a chur air aig Cùirt an t-Siorraidh ann an Inbhir Nis.

"Ghoid Wigget airgead a bhiodh air tuarastal chòignear chonastabalan a phàigheadh", thuirt Cheryl Burr bhon HMRC.

"'S e airgead a bha sin a bha còir a bhith air a chosg air seirbheisean poblach", thuirt i.