Bacaidhean ùra a' Choròna-bhìorais
Chuir Riaghaltas na h-Alba casg air daoine air feadh Alba bho bhith a' coinneachadh ann an dachannan a chèile bho Dhiciadain.
Dh'fhoillsich am Prìomh Mhinistear, Nicola Sturgeon, an naidheachd 's i a' bruidhinn ann an Holyrood feasgar mu na tha san amharc san oidhirp stad a chur air a' Choròna-bhìoras bho bhith a' sgapadh.
Feumaidh taighean-seinnse agus àiteachan-bìdhe dùnadh aig 10:00f bho Dhihaoine.
Seo Shona Nic a' Phiocair.