Iasgach a' fulang ri linn Chovid-19

  • Air fhoillseachadh
Maorach

Thàinig rabhadh bho iasgairean ann an Alba gum faodadh sgìrean iomallach a dhol "nam fàsaichean" le buaidh Chovid-19 air a' ghnìomhachas.

Tha iad ag ràdh gu bheil feum air taic shònraichte bho Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte gus cosnaidhean ceangailte ri iasgach a' mhaoraich a dhìon.

Dh'innis riochdairean a' ghnìomhachais do Chomataidh nan Cùisean Albannach aig Westminster gu bheil Covid-19 air droch bhuaidh a thoirt air iasgach a' mhaoraich san fharsaingeachd, agus iasgach a' mhuasgain-chaoil gu sònraichte.

Thuirt iad gu bheil a' mhargaidh air crìonadh timcheall air an dàrna leth an taca ris an-uiridh agus gu bheil prìsean air tuiteam an treas cuid.

Cunnart

Dh'innis iad gun robh bàtaichean ceangailte aig caladh fad mhìosan agus nach fhulaingeadh an gnìomhachas buille eile.

Thuirt àrd-oifigear Chaidreachas Iasgairean na h-Alba, Elspeth Dhòmhnallach, gun do rinn iasgairean an èisg ghil rudeigin den t-suidheachadh, ach gun do bhuail an èiginn air iasgairean a' mhaoraich sa bhad.

Dh'innis cathraiche Chomann Biadh Mara na h-Alba, Jimmy Buchan, gu bheil taighean giollachd ann an sgìrean iomallach ann an cunnart dùnadh.

Thuirt e ged a rinn Riaghaltas Westminster agus Riaghaltas na h-Alba cobhair orra, gu bheil cunnart anns na làithean ri thighinn gun tèid maorach a chur air tìr sa chòrr den Roinn Eòrpa.

Thuirt e gu bheil cunnart mar sin gun tèid sgìrean iomallach an seo fhàgail nam fàsaichean.