A83 air fosgladh às ùr
- Air fhoillseachadh

Tha trafaig air ais air an A83 ann an Gleann a' Chrò.
Dh'fhosgail an A83 aig an Rest and Be Thankful às ùr madainn Diciadain.
Chaidh an rathad a dhùnadh tràth san Lùnastal le maoim-slèibhe.
Ged a dh'fhosgail e nas tràithe air a' mhìos seo, cha do mhair sin ach beagan làithean is maoim-slèibhe eile ga fhàgail dùinte a-rithist.
Sgrùdadh
Dh'innis Bear Alba gu bheil eòlaichean air sgrùdadh a dhèanamh air a' chreig is gu bheil e a-nise sàbhailte an rathad fhosgladh.
Tha solais trafaig eadar-amail gan cleachdadh.
Thuirt Bear gu bheil obair a' leantainn gus an rathad a dhìon.

Thàinig maoim-slèibhe a-nuas air an rathad san dearbh àite san Lùnastal agus san t-Sultain.