Comhairlean eileanach air sgrìobhadh gu Riaghaltas na h-Alba mu bhacaidhean Chovid-19
- Air fhoillseachadh

Tha Comhairle nan Eilean Siar, Comhairle Arcaibh is Comhairle Shealtainn air sgrìobhadh gu Riaghaltas na h-Alba ag iarraidh air ministearan beachdachadh a-rithist air bacaidhean a' Choròna-bhìorais anns na sgìrean aca.
Tha iad a' togail air an ìre gu math ìosal den ghalair anns na sgìrean aca.
Tha ball pàrlamaid Albannach Arcaibh is Shealtainn Liam MacArtair ag iarraidh coinneimh le Stiùiriche Clionaigeach Nàiseanta na h-Alba Jason Leitch agus le Rùnaire na Slàinte Jeane Freeman.
Tha Mgr MacArtair ag ràdh gu bheil na bacaidhean "cus" agus nach eil feum orra.
Anns an litir, tha na trì ùghdarrasan ag argamaid gu bheil mar a tha bacaidhean sònraichte an sàs ann an diofar sgìrean comhairle a' ciallachadh gu gabhadh bacaidhean nach eil buileach cho teann a chur an sàs ann an sgìrean eile.
Chaidh an litir a sgrìobhadh mus deach na bacaidhean às ùire ainmeachadh Diluain.
Tha Jeane Freeman air dearbhadh gun coimhead an riaghaltas air na roghainnean a th' aca thairis air na trì seachdainean a tha romhainn.