Banachdach am flu ri faotainn bhon deireadh sheachdain

  • Air fhoillseachadh
Banachdach

Tòisichidh daoine a' faighinn banachdach bhliadhnail a' flu aig deireadh na seachdain.

Tha bacaidhean a' Choròna-bhìorais a' ciallachadh gun tèid a' bhanachdach a thabhann do dh'euslaintich ann an diofar dhòighean am-bliadhna, a' cumail ri riaghailtean astrachadh sòisealta.

Chaidh am prògram a leudachadh cuideachd - dhaibhsan a tha ag obair ann an cùram sòisealta agus teaghlaichean dhaoine a th' air a bhith gan cumail fhèin fa leth bho dhaoine eile nas tràithe sa bhliadhna.

Thèid a' bhanachdach a thabhann air daoine nas sine na 55 nas fhaide air adahrt sa bhliadhna agus ma tha gu leòr dhith air fhàgail, dhaibhsan nas sine na 50 cuideachd.

Misneachail

Tha an riaghaltas ag ràdh gu bheil iad misneachail gu bheil gu leòr den bhanachdach ann do na h-euslaintich a tha feumach oirre.

Thathar a' cur air dòigh clionaigean aig ionadan dotair-teaghlaich, ann an ionadan coimhearsnachd agus ann an togalaichean eile.

Tha dragh air na h-ùghdarrasan mu mar a bhios am flu agus Covid-19 còmhla.

Dh' fhadadh am flu a bhith gu math cunnartach do chuid - le feadhainn feumach air leigheas ospadail gach bliadhna.