Naidheachdan 11:00m
Croydon
Rinn Boris Johnson luaidh air oifigear poilis a chaill a bheatha nuair a chaidh losgadh air le gunna aig stèisean poilis ann an Croydon ann an ceann a deas Lunnainn anns a' mhadainn an diugh. Tha duine a tha 23 bliadhna de dh'aois an greim, agus tha esan anns an ospadal. Thuirt Rùnaire na Dùthcha, Priti Patel, gur e cuimhneachan uabhasach a th' ann air a' chunnart anns a bheil oifigearan poilis gan cur fhèin a h-uile là.
Oilthighean
Tha oilthighean na h-Alba a' dol às àicheadh gur e prothaid bho mhàl nan àiteachan còmhnaidh as cudromaiche dhaibh na slàinte òigridh, agus dearbhadh ann gu bheil Covid-19 air na ceudan oileanach. Thàinig a' chasaid bho aonadh nan òraidichean, UCU, a tha cuideachd ag iarraidh air an riaghaltas cur às dhan chasg bho dhachannan eile air oileanaich air an deireadh-sheachdain seo. Chaidh iarraidh orra cuideachd taighean-seinnse agus taighean-bìdhe a sheachnadh.
Casg Tadhail
Tha an lagh a' cur casg air tadhal air dachaigh eile stèidhichte a-niste bho'n diugh air feadh Alba. Tha càin airson an lagh sin a bhriseadh a' tòiseachadh aig £60. Tha fìor chorra shuidheachadh ann far a bheil e ceadaichte a dhol gu dachaigh chuideigin eile, agus tha na riaghailtean ùra a' ciallachadh gum feum taighean-seinnse agus taighean-bìdhe dùnadh aig 10:00f gach oidhche.
Na h-Eileanan
Tha na trì comhairlean eileanach - Arcaibh, Sealtainn agus na h-Eileanan an Iar - ag iarraidh air Riaghaltas na h-Alba beachdachadh air dreach roinneil a chur air bacaidhean a' choròna-bhìorais. Chuir iad litir eadar iad gu stiùiriche clionaigeach na h-Alba, an t-Oll. Jason Leitch, a ràdh nach eil e cothromach gu bheil na h-aon riaghailtean orrasan a th' air am bhìoras a sheachnadh, agus a th' air feadh Alba. Thuirt Rùnaire na Slàinte, Jeanne Freeman, gum bi ath-sgrùdadh ann air na riaghailtean sin thar nan trì seachdainean seo tighinn.
Fiachan na Dùthcha
Dh'èirich fiachan nàiseanta na Rìoghachd Aonaichte a-rithist os cionn na h-ìre as motha riamh a bha ann - còrr is £1tr - anns an Iuchar. Tha am pandemic a' ciallachadh gun do ghabh an roinn phoblach barrachd air iasad ann an aon mhìos anns an Lùnastal, na aig àm sam bith bho thòisich clàradh ann an 1993.
Brexit
Tha Caidreachas Luchd-Reic Bhreatainn ag iarraidh air Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte aonta malairt gun taraif idir a dhèanamh leis an Aonadh Eòrpach gus nach tèid cron nas miosa a dhèanamh air an eaconomaidh. Tha na bùthainnean mòra den bheachd gum faodadh cho mòr ri £3bn de tharaif a bhith ann a h-uile bliadhna, agus tha iad ag ràdh, nam biodh, gum feumadh iad prìsean a chur suas gu mòr.