Naidheachdan 11:00m

Millean Bàs

Tha dearbhadh ann an-diugh air còrr is millean bàs le Covid-19 air feadh an t-Saoghail bho thòisich am pandemic. 'S ann eadar na Stàitean Aonaichte, Braisil agus na h-Ìnnsean a tha cha mhòr an dàrna cuid dhiubh sin, agus 's i Breatainn an còigeamh dùthaich as miosa a dh'fhulaing. Tha feadhainn de na h-eòlaichean den bheachd gu bheil àireamh a' bhàis gu math nas motha na sin.

Oileanaich

Thuirt Ministear an Àrd-fhoghlaim an Alba, Ridseard Lochhead, gum faodadh an Riaghaltas fhathast na tallaichean-còmhnaidh a dhùnadh, agus na h-oileanaich a chur dhachaigh, ged a tha na ceudan dhiubh ann an cuarantain. Tha dearbhadh ann an-diugh cuideachd air tuilleadh den bhìoras ann an oilthighean Obar Dheathain agus Dhùn Dè.

UHI

Tha dà chùis den bhìoras dearbhte aig Oilthigh na Gàidhealtachd 's nan Eilean. Sin aonan aig Colaiste Inbhir Nis, agus aonan aig Colaiste Thaobh Siar na Gàidhealtachd anns a' Ghearasdan.

Uibhist

Tha sgoiltean Uibhist air fad dùine an-diugh, agus bidh iad dùinte a-rithist a-màireach le dearbhadh air 17 cùisean den bhìorasd ann an Uibhist a Deas.

Inbhir Nis

Dh'innis High Life Highland, a tha a' ruith ghoireasan chur-seachad do Chomhairle na Gàidhealtachd, gu bheil Covid-19 air aon den luchd-obrach aca ann an Inbhir Nis, agus gu bheil na h-uimhir a tha ag obair aig Inverness Leisure ann an Cuarantain.

'S tha a' Mhargaidh Bhictorianach ann an Inbhir Nis dùinte airson glanaidh, an dèidh ceangail an sin ri cùis den bhìoras.

Greggs

Tha Greggs, an t-sreath de bhùthainnean bèiceir air bruidhinn ri luchd-obrach, 's iad a' beachdachadh air na h-uairean a ghearradh gus nach bi uimhir de chall-cosnaidh ann nuair a sguireas sgeama fòrlaidh an Riaghaltais an ceann mìos. Thuirt a' chompanaidh gun robh cùisean nas fheàrr aca air a' mhìos seo na bha iad anns an Lùnastal, ach gu bheil an suidheachadh gu math mì-chinnteach fhathast.

Iasgair

Thòisich rannsachadh mu bhàs duine a bha 45 bliadhna de dh'aois, 's a thuit far bàt-iasgaich far Stonehaven, far chladach Shiorrachd Obar Dheathain. Chaidh fios air na seirbheisean èiginn goirid ro 02:00m an-diugh.

Eilean Arainn

Tha an treas cuid de dh'eaconomaidh Eilein Arainn a' crochadh air turasachd, a rèir rannsachaidh ùir, agus tha an aithisg bho Institiùd Fraser of Allander,ag ràdh gu bheil an t-seirbheis aiseig a' cur mu £170,000 ri eaconomaidh an eilein a h-uile là. Ach tha i ag innse cuideachd mu bhuaidh a' Choròna-bhìorais, le casg den chòigeamh cuid air na dh'fhaodas na bàtaichean-aiseig a thoirt leotha de luchd-siubhail.