Àrdachadh de chùisean dearbhte 's na h-Eileanan an Iar

  • Air fhoillseachadh
CV

Thàinig ardachadh anns an àireimh de chùisean dearbhte den choròna-bhìoras anns na h-Eileanan an Iar ann am beagan is seachdain - tha an àireamh a-nis aig 13.

Tha trì cùisean eile a' cur ris an deich a bh' ann.

Tha a' chùis a chaidh a chlàradh air an 17mh den t-Sultain, an dèidh deuchainn eile, a dhearbh nach robh Covid-19 air an neach, fhathast air a chunntais anns na h-àireamhan oifigeil aig Riaghaltas na h-Alba.

Ann an sgìre NHS na Gàidhealtachd, thàinig àrdachadh de 15 bho Dhiardaoin.

Tha an àireamh iomlan san sgìre a-nis de chùisean dearbhte de Chovid-19 aig 609.

Sin àrdachadh de 74 thairis air an t-seachdain mu dheireadh.

Bho Dhiardaoin, tha an àireamh de chùisean dearbhte ann an sgìre NHS Roinn a' Mhonaidh air a dhol suas 12.