17 cùis dearbhte de Chovid-19 ann an Uibhist a Deas
- Air fhoillseachadh

Tha 17 cùis dearbhte den choròna-bhìoras a-nis sa choimhearsnachd ann an Uibhist a Deas.
Chaidh aon neach a thoirt dhan ospadal air tìr mòr.
Tha nas lugha na 5 chùisean co-cheangailte ri dachaigh-cùraim Taigh a' Chridhe Uile Naoimh.
Thuirt àrd-oifigear NHS nan Eilean Siar, Gordon Jamieson, gu robh dùil gum faodadh an àireamh èirigh le mar a tha deuchainnean gan dèanamh.
Thuirt Comhairle nan Eilean Siar gu bheil iad air fiosrachadh fhaighinn mu cheangal a dh'fhaodadh a bhith eadar cùisean de Chovid-19 agus sgoiltean, is gu bheil air co-dhùnadh na sgoiltean gu lèir an Uibhist a dhùnadh gus am faighear dealbh nas soilleire tro dheuchainnean air na tha a' tachairt.
Nì iad ath-sgrùdadh air an t-suidheachadh gach là.
Tha dachaigh-cùraim Taigh a' Chridhe Uile Naoimh dùinte do luchd-còmhnaidh ùra agus do luchd-tadhail agus chan eilear a' cur duine dhachaigh.
Stiùireadh
Bidh sgoil-àraich Cothrom ann an Uibhist a Deas cuideachd dùinte às dèidh do luchd-obrach an sin a thighinn faisg air cùis de Chovid-19.
Tha mòran ghnìomhachasan cuideachd air leigeil fhaicinn nach bi iadsan a' fosgladh dhan phoball Diluain a bharrachd.
Chuir Mgr Jamieson impidh air a' choimhearsnachd na riaghailtean a leantainn gus smachd fhaighinn air a' bhìoras.
"Cuiribh oirbh còmhdaich aodainn a chleachdadh, nighibh ur làmhan, na rachaibh a dhachaighean a chèile, cumaibh astar bho chàch a chèile, agus na bithibh a' siubhal ann an càr le cuideigin bho dhachaigh eile," thuirt e.
"Ma tha comharran den bhìoras oirbh, na fàgaibh an taighe, cuir air dòigh deuchainn Chovid, agus na tèid a-mach ach a-mhàin a dh'iarraidh an deuchainn sin", thuirt e.