Geamannan nan Eilean dheth

  • Air fhoillseachadh
Fo-thiotal,

Geamannan nan Eilean air an cur dheth rè ùine

Chaidh a dhearbadh gu h-oifigeil nach tèid Geamannan nan Eilean 2021 air adhart ri linn Chovid-19.

Chan eil cinnt ann nas motha aig an ìre seo cuine thilleas an fharpais.

Bha còir aig na Geamannan a dhol air adhart ann an Guernsey san Iuchar an ath-bhliadhna.

Thàinig an co-dhùnadh an cur dheth agus Comann Eadar-Nàiseanta nan Geamannan air an AGM aca a chumail air loidhne air an deireadh-sheachdain.

Slàinte

Thuirt cathraiche na buidhne, Jorgen Pettersson, gur e co-dhùnadh duilich a bh' ann dhaibh ach gur e slàinte an rud as cudromaiche.

"Tha seo stèidhichte air na freagairtean a fhuair sinn bho na buill agus a' chomhairle mheidigeach a b' fheàrr a b' urrainn dhuinn fhaighinn", thuirt Mgr Pettersson.

"Feumaidh sinn a bhith mothachail mu shlàinte luchd-spòrs nan eilean agus mun bhuaidh a dh'fhaodadh a bhith ann le Covid-19 a thoirt a Ghuernsey.

"Dh'fhàg sinn an co-dhùnadh cho fada 's a b'urrainn dhuinn ach feumaidh sinn gabhail ris nach eil am pandemic seachad.

Còmhraidhean

"Tha mi air leth duilich ach tha mi cinnteach gun till na Geamannan cho tràth 's a ghabhas", thuirt e.

Chan eil e cinnteach fhathast cuine bhios sin.

Tha Geamannan 2023 an-dràsta sa chlàr airson a bhith air an cumail ann an Arcaibh.

Thuirt Jorgen Pettersson gum bi còmhraidhean ann a-nise le Guernsey agus Arcaibh agus na buill eile mus bi co-dhùnadh ann.

"Mì-chùramach"

Dh'innis e gun tèid coimhead ri spòrs, an eaconomaidh, taic phoilitigeach, agus an suidheachadh a bhios ann le Covid-19.

Thuirt Cathraiche WIIGA, Norrie Dòmhnallach, gu bheil Comann nan Eilean Siar a' cur taic ris a' cho-dhùnadh Geamannan 2021 a chur dheth.

Thuirt Mgr Dòmhnallach gum biodh e air a bhith "mì-chùramach" an fharpais a chur air adhart.

Dh'innis e gum bi còmhraidhean ann le feadhainn a tha a' cumail taic-airgid ris an sgioba.

Thuirt e cuideachd gum bi coinneamh aig buidheann nan Eilean Siar Dimàirt seo tighinn gus bruidhinn air an t-slighe air adhart.